Montag, 28. Mai 2007

Feasgar Di-Haoine chunnaic mi an t-àite far am bi an opra a' tachairt. Cha bhi ann an taigh-opra àbahisteach ach ann an cuairt togalach oifisean ann am port Dhüsseldorf. Togalach ùr a th' ann le gu bhith 10 làr timcheall air cuairt le ballachan glainne far am faicear an timcheallachd glè mhath.
Nuair a thòisich sinn air cuid de na sgeulachdan mu Hiort agus aig an aon ám chìthear togalach pàrlamaid North-Rhine Westphalia tro na h-uinneagan.
Thèis aithris anns aon de na sgeulachdan cho doirbh a bha cùisean conaltraidh bho eilean gu eilean ann an Hiort is m.e. Boraraigh agus chìthear tùr-telebhisein faisg oirnn a cheanglas sinn ris an t-saoghal.
Tha mi cinnteach gur e àite freagarrach son opra a tha anns an togalach seo. Sna 10 làir tha "balconies" ann. Bidh sinn a# sreap suas is sìos ann a shin san aon àm nuair a bhitheas am film ann a tha a' taisbeanadh muinntir Hiort a bhith a' sreap sgèirean an eilein aca fhèin.
Gu dearbh fhèin cha bhi dràma neo dealbh-cluich tradaiseanta againne ach opra uile-ghabhailteach an latha an-diugh. Feumaidh gum bi "a bhith a' coimhead air ais" a' toirt cothrom dhuinn fragairtean fhaighinn airson ar beatha againn fhìn. Ciamar a tha sinne a' tighinn beò an-diugh agus dè na cunnartan, na sgèirean, na ròpaichean airson na coimhearsnachd againn fhìn.
Tha mi a' dèanamh fiughair mhòr ri bhith ag obair anns an togalach seo anns na seachdainean sa tighinn.

An-diugh, Di-Luain dh' ionnsaich mi teacsa an darna "act" agus òrain eile. Tuireadh nan Hiortach airson deireadh na h-opra agus " Gura thall ann am Bodaraigh" Cha chanadh nan Hiortach Boraraigh ach Bodaraigh le d mar a ionnsaich mi an-diugh agus cha chanadh iad "orm" ach "alam". Tha seo inntinneach ma bhitheas cuideigin ri dual-chainntean Gàidhlig eadar-dhealachadh.

Di-Ciadain bidh an ceòl againn a chaidh a chlàradh le orchestra gus am bi cothrom againne obair leis. Beag air bheag tha a h-uile sìon a' fàs ri chèile.

Mìcheal

Keine Kommentare: