Montag, 25. Juni 2007

Am Premiere

Nisd chluich sinn trí tursan agus a-nochd an turas mu dheireadh. Agus tha beagan ùine agam airson sgrìobhadh mar a chaidh cùisean gu ruige seo. Bha am premiere dìreach anabarrach math. Bha an còisir cho làidir na bha e riamh, chaidh a h-uile rud teicnigeach ceart gu leòr agus thàinig an ceangail beò à Hiort dìreach san àm nuair a bhitheadh dùil ris. Cha robh trioblaid agam na h-órain a chumal orra bho ghuth Maggie Dhomhnallach à Hiort, bha an "timing" ceart gu leòr.
Bha an t-àite làn gun ticead a bharrachd ri fhaighinn agus chòrd an opra glan ris an luchd-amhairc. Thàinig mòran as dèidh sin gus fiosrachadh fhaighinn mun àite, an cuspair agus bha fiù's feadhainn ann a tha airson Gàidhlig ionnsachadh.
Bhon a sheo faodaidh mi ràdh gun robh am próiseact uile gu lèir glè glè shoirbheachal.
an-diugh bidh an turas mu dheireadh againne agus thig Lew Bodgan à Valenciennes gus an dreach againne fhaicinn. Is esan am fear aig an robh bun-bheachd na h-opra bho thùs agus le beagan dòchais thig na cluicheadairean à Mons is Hallstatt cuideachd.
Ged nach deach an opra a chluich ach dà thuras anns na h-àitichean eile, cluichidh sinne sia tursan seach' s gur e pàirt den phòiseact 6-tage-oper (opra nan sia làitean- Fèis Eòrpach opra nua-aimisireil).
A-àireach bidh cèilidh mhòr againne - còmhla ris a h-uile duine a bha na phàirt den phròiseact, gheibh sinn biadh Ghàidhealach is leann Albannach.
An-diugh feumaidh gu bheil rud-eigin anns na pàipearan-naidheachd. Ceannichidh mi iad nuair a bhitheas mi an Düsseldorf feasgar is innsidh mi dhuibh mu na sgrìobh iad a-màireach.

Gu ruige seo

hiun dala horori hu ion dalala

Mìcheal

Keine Kommentare: