Samstag, 16. Juni 2007

dealbhan

Tha na dealbhan a-nisde rim faicinn air www.6-tage-oper.de
An còisir anns an adhair, a' crochadh air na ròpaichean agus a' seinn.
Kenny an dannsair mar eòin dhubh agus cuid eile.
An-raoir chunnaic sin dreach ùr an fhilm le barrachd dealbhan Bhoraraigh. Tha iad cho brèagha gun do dhiochuimhnich mi cluich air adhart nuair a chunnaic mi iad air an àrd-ùrlar.
Gu fortanach cha robh luchd-amhairc a-staigh.:-))
Bhris mi meur coise an-dè. Nuair a bha mi a' sreap sìos cha do dh' obraich an stad-ròpa airson grèiseig agus thuit mi sìos mu 2 mheatar is bhrag mi ri balla.
Nisd tha mo chasan goirt agus gorm is uaine, agus tha meur briste.
O bhobh! Tha deagh chuimhne agam air dè a thuirt an rìochdaire o choinn dà bhliadhna sa chiad choinneimh: Chan fheum thu ach cuid òran a sheinn....:-))) Ach an uair sin cha robh fhios agam-sa ciamar agus càite!
Ach uil, cho fad's a mhaireas mi beò anns a' phròiseact seo bidh a h-ùile sìon ticketyboo......

A-nochd aig 6 uairean thèid sin tron opra air fad - sa chiad uair- meur briste ann neo às.


Mìcheal

Keine Kommentare: