Dienstag, 15. Mai 2007

An Libretto

Leugh sinn a-rithist an libretto an-diugh. cha robh sin furasda idir oir is e pròiseact ioma-chuspaireach a tha anns an opra seo.
Tòiseach-tòiseachaidh bidh am film ann. Chaidh a dhèanamh mar-thà ann an Hiort fhèin as t-samhradh. Chìthear na "extreme dancers" às an Fhraing a bha a' crochadh air ròpaichean bho chreagan àrda Hiort far an robh iad a' dannsa. Dannsairean treuna a th' annta gun teagamh! Agus cuideachd chìthear gun tig cuid-eigin air ais do Hiort feuch dè tha e a' cuimhneachadh mu bheatha muinntir an eilein.
Bidh am film seo - measgaichte le sreath de dh' fhilmichean beaga a chaidh a dhèanamh nuair a bhitheadh muinntir Hiort a' tighinn beò anns an eilean fhathast - ri fhaicinn air an àrd-ùrlar. Le na dealbhan a chruthaicheas sinne ann an Düsseldorf bidh sinne a' fregairt nan ìomhaighean seo. Tha corra meadhan againn: cleasachd, dannsa, seinn, ceòl, gluasad agus eile. Thig seòrsa "beachd neo cuspair ùr" bhon fhilm a tha seo agus gheibh sinne iad gus dealbh a chruthachadh - dìreach ceangail ris na tha a' tachairt anns an fhilm. Ma thòichicheas cuid-eigin air seinn ann, is ann a gheibh mise ann rann gus cumail orm leis an òran gus an tèid atharrachadh gus dealbh eile a chruthachadh. Is e seòrsa pròsas (process) leanntanach a th' ann. Dìreach mar gum bitheadh cuid-eigin a' siubhail timcheall air an eilean gus am faic e dealbhan, ìomhaighean, beachdan, pìosan beaga de bheatha muinntir an àite agus an cuimhneachan agus am beachdan.

An-diugh cha do rinn sinn ach seinn. Bha mi fhìn a' teagasg sèist nan òran do chàch gus an gabh iad seinn còmhla ann an iomadach dòigh. Tha an rìochdaire ag iarraigh dealbh làdair airson gach òran. Mar sin bha sinn a' smaoineachadh air diofar adhbharan carson a tha rudan a' tachairt timcheall air na h-òrain.
Tha pìos ann far a bheil dithist a' tilleadh don eilean agus a' bruidhinn air na seann làithean agus air pàrlamaid nan Hiortach. Aig an aon àm chìthear an dealbh ainmeil air an screen.
Bidh feadhainn a' fanaid air cuid-eigin a tha ag iarraidh pòsadh. An-diugh dh' fheuch sinn ri seòrsa dannsa le ròpa a chruthachadh na lùib ach cha do chòrd sin ruinn.

Ach tha guthan làidir aig na cleasaichean agus sheinn sinn na h-òrain ann an dìofar dhòigh airson faighinn a-mach dè ghabhas cruthachadh leotha.

Agus aig àm lòin thàinig fear a tha an sàs leis an tèicneòlas eadar-lìn. Mhìnich e dhuinn mar a bhitheas an ceangail ag obrachadh eadar na dìofar àiteanan an Alba, anns a' Bheilg, anns an Ostair, anns an Fhraing agus anns a' Ghearmailt fhèin.
Nach mise tha toilichte gur e cleasaiche a th' annam. Chan eil sgod agam air leithid de rudan.

Bidh mi saor gus an ath Dhi- Luain airson òran eile ionnsachadh: Mo ghaol òigear a' chùil dhuinn.
Nach e tha àlainn.

Tuilleadh ri thighinn.......

Keine Kommentare: