Montag, 21. Mai 2007

a' chiad phairt

An-diugh thòisich sinn air obair air na chiad pàirtean den dealbh-chluich.
Is iad pìosan beaga fiosrachaidh mu bheatha muinntir Hiort. Bidh na cleasaichean ag innse don luchd-amharc mar a bha na Hiortaich a' sealg, dè na h-eun a thadhladh air an eilean a-rèir raithean na bliadhna agus dè na h-eun a ghabhadh ithe neo a bhitheadh iad a' cur gu feum.
Tha e anabarrach inntinneach nach robh sgathan aig na Hiortaich. Nuair a chunnaic boireannaich a h-aodann anns an sgathan thuirt i: Nach i tha grannda!
Tha an ceathrar chleasaichean an-dràsda ag obair air na pìosan beaga seo.

An-raoir thachair sinn ris a' chòisir a-rithist anns an talla-sreap agus bha na "costumes" oirnn.
Tha iad brèagha ach blàth agus feumaidh sinn sreap is seinn annta. Ach tha an dealbh a' coimhead uabhasach math, ma bhitheas an còisir a' crochadh eadar talamh is speur agus a' seinn aig an aon àm.

Bidh mi saor a-màireach ach feumaidh mi teacsa ionnsachadh agus tha aon òran ri ionnsachadh fhathast.
Sin e airson an-diugh

Mìcheal

3 Kommentare:

Slèite hat gesagt…

Tha sin cho inntinneach! Tha mi'n dòchas gum faigh mi cothrom sin fhaicinn an seo. Chan eil guth ri cluinntinn mu dheidhinn a' phròiseict, ach is dòcha gun deach e dìreach seachad orm. Cum a sgrìobhadh! Nach innis tu dhuinn cuideachd dè an seòrsa òran a tha sibh a' seinn agus dè am pàirt agad fhèin. (Is dòcha gun do dh'innis thu sin àiteigin agus chan fhaca mi e)
Le meas
Janni

Mìcheal Klevenhaus hat gesagt…

Innsidh mi tuilleadh air na h-òrain agus am pàirt agam fhìn a dh' aithghèarr.

Bidh "Mac Talla nan Eun" a' tachairt cuideachd ann an Steòrnabhagh. Feuch gum bi thu ann neo thig gu Düsseldorf :-))

Mìcheal

Graisg hat gesagt…

'Chan eil guth ri cluinntinn mu dheidhinn a' phròiseict'
Seadh, agus 'S mor am beud!