Montag, 14. Mai 2007

Tha an obair air toiseachadh

Nise, an-raoir thòisich an obair air an opra seo. Uill, Dhomh-sa co-dhiubh. Tha na stiùirichean anns a' Ghearmailt, Frank Schultz agus Annette Bieker air obair gus a h-uile sion ullachadh do na seinneadairean, na cleasaichean, don chòisir (fichead duine), don luchd-ciùil agus, agus, agus.....
Feasgar Di-Dòmhnaich chaidh mi fhìn gu Ionad spòrs mòr an Düsseldorf far a bheil talla-sreap. Bha againn ri ionnsachadh ciamar a sreapas tu ballaichean suas agus ciamar a leumas tu bho cheann a' bhalla mu 10 meatar sìos. Chaidh innse dhuinn gum feum sinn leum sìos mu 20 meatar anns an opra.
Dealbh làdair gus sealltainn ciamar a bhitheadh muinntir Hiort a' sreap nan creag. Ach bidh sinne uile ceangailte ri ròpa tearainteachd gus nach fheum sinn còisir ùr neo cleasaichean a bharrachd :-))
Sin Cuspair a' phròiseict ann an Düsseldorf: "a bhith a' tuiteam". Bidh sinne a' cruathachadh ìomhaighean a tha ceangailte ri bhith a' tuiteam bho chreagan, a' tuiteam ann am beatha agus a' fàgail àite. sin na bun-bheachdan air cùlaibh na h-obrach againne.

An-diugh, Di-Luain an 14mh den Cheitein, 11 sa mhadainn:
leugh sin an Libretto sa chiad uair. Sinne- sin an ceathrar chleasaichean agus an stiùiriche. Bidh mi fhìn a' seinn nan òran Gàidhlig anns an opra agus bidh mi a' teagasg sèist nan òran do chàch agus gu h-àraidh do sheinneadairean sa chòisir.
air ais an taigh mu 8 feasgar, sgìth ach tha a h-uile sìon a' tòiseachadh glè inntinneach.

1 Kommentar:

Graisg hat gesagt…

Tha sin annabarach fhèin inntinneach. Sin thu fhèin agus fàilte gu Tìr nam Blòg. :-)