Mittwoch, 27. Juni 2007

Bho Hiort gu Peairt agus nas fhaide air adhart....

Chriochnaich am pròiseact Opra Hiort an-raoir nuair a bha coinneamh ann an Düsseldorf còmhla ri stiùirichean a' phròiseict.
Chuir Frank Schultz - riochdaire Theater Kontrapunkt fàilte air Calum MacIlleathain à Steornabhagh, Lew Bogdan à Valenciennes, Tatiana Stepantchenko à Mons sa Bheilg agus Ferdinand Götz às an Ostair.
Bha an còisir agus na cleasaichean à Düsseldorf agus an càraidean an lathair cuideachd agus nuair a bha e dorch gu leòr choimhead sinn air dealbhan nam pròiseactan san bailtean eadar-dhealaichte is fhuair sinn athisg mar a chaidh cùisean an-sin.
Chaidh aontachadh gur e fìor phròiseact miorbheallach a bh' ann agus tha sinn uile toilichte gun robh a leithid de chothrom againne gun robh sinn a' gabhail pàirt ann. Sgrìobh na pàipearan an aon rud agus mar sin faodaidh sinn a bhith toilichte gun deach cùisean cho math.
Chaidh òraid neo dhà a thoirt seachad, sheinn sinn òrain na h-opra airson an turas mu dheireadh agus chunnacas deòir neo dhà nuair a bha e soilleir gum bitheadh am pròiseact seachad. Tha e neonach a bhith nam aonar a-rithist as dèidh dhuinn a bhith ag obair cho cruaidh còmhla son 5 seachdainean.

"Tha sinn cho brònach is beag an t-ionadh oir tha sinn cianail an-diugh air fògradh
tha an cuan an Iar le cuid thonnan fiadhaich gar sgàradh cian bhon ar n-aite còmhnaidh....."

Ach le dannsa is bufaidh Gàidhealach bha sinn uile air an dòigh a-rithist.
Dh' fhàg mi an t-àite mu 2 uair sa mhadainn ach is e toiseach ùr dhomhsa oir bidh mi a' sgrìobhadh an trachdais agam mun phròiseact seo. Di-Haoine bidh mi air a' bhàta do dh' Alba agus feuchaidh mi ri dol gu Hiort airson latha. Feumaidh mi an t-àite fhaicinn.

Uill, sin e anns a' bhlog a tha seo. Seach's gu bheil an opra seachad stadaidh am blog an-seo.
Tha mi an dóchas gun do chòrd e ruibh. Chòrd e glan rium a bhith anns an opra seo - cha bhi mi ga dìochuimheachadh fad's a bhitheas mi beò

leis na h-uile beannachdan

Mìcheal Klevenhaus
Die Insel der Vogelmenschen - MacTalla nan Eun

Bho Hiort gu Peairt agus nas fhaide air adhart....

Keine Kommentare: