Donnerstag, 14. Juni 2007

thainig na meadhannan

agus bha iad airson fiosrachadh fhaighinn mu na rinn sinn fad 4 seachdainnean. Agus bhruidhinn riochdaire Theater Kontrapunkt Frank Schultz riutha mu bhun-stèidh na h-opra, gur e pròiseact eadar-nàiseanta a th' ann amsaa. As dèidh leth uair a thìde sreap an ceathrar chleasaichean againn sìos nan ròpaichean agus a' seinn "Leac na Càdaig" is " gura thall ann am Bodaraigh". A-rèir choltais chòrd e ris an luchd-naidheachd - is ann a bha iad gun a bhith a' bruidhinn airson greiseig. :-))
Fhuair iad dealbhan is chunnaic iad pìos beag den fhiolm air Hiort. Agus nise tha sinn an dòchas gum bi aithrisean sanasachd inntinneach anns na pàipearan gus am bi an ticeadan reicte deireadh na seachdaine.
Chum sinne oirnn leis na "rehearsals" agus bha sin a' ciallachadh gum robh sinn a' sreap sìos is suas le bhith seinn is bruidhinn, feuch am fàs sinn cleachdte ris na "costumes" againne. Tha iad cho bla`th agus tha i cho uamhasach tais an-dràsda le gu bhith 30 Celsius.
Tha sinn cuideachd ag obair air an trioblaid gum fàs an ceòl, an cleas, an danns agus am film còmhla. Seach agus a bhitheas a h-uile sìon an crochadh air am fiolm a tha a' ruith mar a tha e feumaidh gach rud a bhith freagarrach ris agus sin ann an còig dùthchannan aig an aon àm.
An-raoir bha sin cho sgìth ri seann sgadan marbh air creagan Hiort agus shiudh sinn sòis aig bruach an abhainn Rhine, dhòl sinn botal neo dhà neo trì.. agus sinne a' cabadaich mun phròiseact seo.
Sinne, sin Antonia às a' Ghearmailt, Francois às a' Bheilg mi fhìn às a' Ghearmailt agus Kenny, aon de na dannsairean a Boston . Dh' ol sinn leann Gearmailteach, bhruidhinn sinn air Hiort agus sheinn sinn na h-òrain còmhla.
Is e "mo ghaol òigear" an t-òran as fhèarr leam-sa an-dràsda.

An-diugh bha latha dheth againn. Ach tha Frank Schultz agus Annette Bieker (cleasaiche agus stiùiriche 6-Tage-Oper) trang leis na bileagan-prògraim, tha iad a' gearradh an fhiolm agus tha iomadach rud eile ri dhèanamh fad na h-ùine. Feuamidh an còisir a bhith ann a-nochd airson sreap.
Thàinig David Graham a-staigh airson fhaicinn na rinn sinn leis a' cheòl a chuir e ri chèile. Thèid e a Valenciennes is Mons an-diugh do na companaidhean eile.
Dìreach an-dràsda thig na faidhlichean pdf gus an toir mi sùil air a' Ghàidhlig ann, feuch nach bi mearachdan ann.
Agus feumaidh nach bi, is e opra Ghàidhlig a tha seo agus cuiridh sinn cudthrom sònraichte air a' chànan.
Thuirt ball parlamaid Northrhine Westphalia gun tig e chun a' phrèmiere agus tha seo gu sònraichte cudthromach oir thug an riaghaltas airgead dhuinn. Ach a bharrachd air a sin, bidh sinne a' sealltainn pàrlamaid nan Hiortach agus chìthear togalach na pàrlamaid tro uinneagan mòra an àite far a bheil sin a' cluich.
Tha deasbad air an àrd-ùrlar feuch am fuirich na Hiortaich neo am fàg iad an eilean.
Dìreach an-diugh bha artaigeal ann am pàipear gum fàg barrachad is barrachd dhaoine na bailtean an àrd an Ear na Gearmailt agus gum bris am bun-structair sìos an sin.
Tha deasbad againn nach bi clann gu leòr againn airson ar coimhearsnachdan a chumail beò. Sin na bha na Hiortaich a' deasbaireachd. Ceum air cheum tha sinn a' fàs mothachail air cho cudthromach a tha na ceistean an diugh a chur na Hiotaich orra fhèin ann an 1930.
Bha cothrom aca falbh do dh' àite eile ach càit an tèid sinne, cò bhitheas gar cuideachadh? Neo a bheil cothrom eile ann.
Sin na deasbaidean beòthail a dh' èiricheas anns an obair againne.

Keine Kommentare: