Montag, 18. Juni 2007

Oidhche Shathairne bha sinn gu math trang. Aig 7 Uairean fesgar chluich sinn an opra air fad airson na ciad uair. Cha robh e buileach dona ach gu dearbh fhèin bha mearachdan ann, dhiochuimhnich daoine facail, aon turas chaidh an ceòl ceàrr ach dh' fhàs sinn mothachail air na chaidh math agus air na rudan air a dh' fheumas sinn obair a-rithist. Sgìth ri cù dh' èisd sinn gu cùramach na mhinich an rìochdaire dhuinn às dèidh sin. Bha fois de 20 mionaid againn agus rinn sin a h-uile rud a- rithist! An turas seo bha e fada na b' fhèarr, bha ceòl, dannsa is na cleasaichean a' dol leis an fhilm agus seach's gur e togalach poblach far a bheil an opra a' tachairt, thàinig daoine srònach a' choimhead oirnn. Agus chòrd na chunnaic iad riutha. Bha sinn cudthroamch dhuinn-se beachd neo dhà a chluinntinn bho chuideigin nach fhaca dad den opra roimhe.
Mu 2 sa mhadainn bha mi anns an leabaidh agus bha latha dheth againn Di-Dòmhnaich.
An-diugh aig 4 coinnichidh sinn ris na dannsairean is nì sin na piosan còmhla riutha agus sinn fhìn - na cleasaichean.


Tuilleadh a-màireach

Mìcheal

Keine Kommentare: