Donnerstag, 21. Juni 2007

an deuchainn mòr

a-nochd bidh an deuchainn mòr againne. Cha chanainn gun deach a h-uile rud mar bu chòir an-raoir. Bha an rehearsal seo rud-beag troimhe chèile. A chiad turas leis an t-solas, le microphones ùra, tèicneòlas ùr air nach robh na cluicheadairean eòlach gu ruige seo.
Tha sinn uile neurbhasach -agus chan eil fhios againne tuilleadh a bheil na tha sinn a' dèanamh math neo tarraingeach ann an dòigh air choireigin. Ach sin mar a tha cùisean dìreach ro oidhche mhòr mar a bhitheas againn a-màireach.
An-diugh tha sinn uile an dòchas gun obraich an ceangail beò ri Hiort, rud bunaiteach gus am pròiseact a chur ri chèile.
Saoil a bheil an aon droch thìde ud thall mar a tha againne an-diugh?! An uarrainn do Mhaggie Dhomhnallach a bhith a-muigh airson na h-òrain a sheinn?
Uill chì sinn a-nochd.


Mìcheal

Keine Kommentare: