Sonntag, 10. Juni 2007

a' chiad dreach

An-raoir chaidh sin tron opra gu lèir sa chiad turas. Thàinig a h-uile sian còmhla, am film, an ceòl, na dannsairean, sinn fhìn an ceathrar chleasaiche agus nise tha beachd agam air cho mòr a tha am pròiseact seo.
Agus gu math àrd - an Düsseldorf co-dhiubh. Bha an eagal mòr orm nuair a thuirt an riochdaire gum bu chòir dhuinn uile sreap sìos ròpaichean bho gu bhith 20 meatar a dh' àirde. Anns an togalach far a bheil sinn a' cluich tha talla àrd is mòr ann agus na h-oifisean a ruith mun chuairt air 6 làr. Tha an làr as àirde ceangailte ri gach taobh le drochaid a tha a' dol thairis air an talla. Bhon a seo tha na ropaichean a' crochadh. Chaidh mi ann, choimhead mi sìos is thuirt mi rium fhìn" Uill, is ann gu math àrd a tha seo, chan eil mi cinnteach an dèan mi a' chùis.
Ach nuair a bha mi a' crochadh air an ropa seo bha e mar gum bithinn ag itealaich. Dìreach miorbhealteach! Agus thòisich mi air seinn ann a bhith a sreap sìos. Chòrd e cho glan rium gun do rinn mi e 3 tursan eile!

Tha an còisir cuideachd a' seinn air na ropaichean seo. Agus abair dealbh nuair a chrochas deichnear ann an àirde eadar-dhealaichte agus iad a' seinn!

Agus dè thachair nuair a bha iad a' seinn òran air eilean nan eun. Chunnacas mu cheud eòin tro mhullach glainne an togalaich. Tha mise an dòchas gun tig iad gach oidhche aig an aon àm. Bha an dealbh cho làidir.

Nisde feumaidh mi togail orm. Tha e a' toirt uair a thìde bho Bhonn gu Düsseldorf agus tha an t-autobahn timcheall air Köln gu math trang. Mar as abhaist bidh mi a' seinn órain na h-opra seo air an autobahn. Deagh áite airson "rehearsal

Ma chì mi na mìltean de chàirichean tòisischidh mi air seinn: "Tha sinn mar chaoraich an-seo gun bhuachaill, sinn sgapt` measg sluaigh air nach eil sinn eòlach......":-)) Tuireadh nan Hiortach

Tuilleadh a dh' aithgheàrr

Mìcheal
"

4 Kommentare:

Steaphan MacRisnidh hat gesagt…

`S math a bhith a` leughadh ciamar a bhios cùisean a` ruith aig an opera seo. An e seinneadair beus no tenor a th` annaibh fhèin?

Mìcheal Klevenhaus hat gesagt…
Dieser Kommentar wurde vom Autor entfernt.
Mìcheal Klevenhaus hat gesagt…

Is e seòrsa Tenor a th' annam ged a dh' fheumas mi ràdh nach bi sinn a' seinn ann an dòigh chlasaigich.
Channainn-sa gur e "Musiktheater" na tha sinn a' dèanamh anns a' chiall an latha an-diugh
Ciamar a chanamaid sin sa Ghàidhlig?
dràma-ciùil is dòcha

Mìcheal

Steaphan MacRisnidh hat gesagt…

Tha mi a` dol leat gur e “Dràma-ciùil” as fheàrr a chuireadh air Musiktheater. Cha chreid mi nach eil co-dhiù.